Fàilte | Welcome
Fàilte chun an làraich-lìn againn far am faigh sibh a-mach mun bhuidheann againn agus mun adhartas a bhitheas sinn a’ dèanamh le bhi stèidheachadh an ionaid turasachd aig astar airson Hiort, anns an sgìre againn fhèin, Uig, Leòdhais. Tha coimhearsnachd Uig air a misneachadh gu mòr gur e a’ Geodha Sgoilt, Mangurstadh, a chaidh a thaghadh mar an làrach is freagarraiche airson an Ionaid, an dèidh farpais gheur anns an robh diofar sgìrean eileanach an sàs.
Welcome to our website where we’ll keep you informed about our group and our progress in establishing the remote access Centre for St Kilda in our own parish of Uig, Lewis. The Uig community is delighted that a’ Gheodha Sgoilt, Mangurstadh, was chosen as the preferred location for the Centre, following a keenly-contested competition involving several island communities.
Tha an làrach aig a’ Gheodha Sgoilt na fàire, le sealladh farsaing cuain an iar gu Hiort agus leis a’ chruth-tìre agus an àrainneachd nàdair is coltaiche ri Hiort anns na h-Eileanan an Iar. Thathar a’ meas gun cuir seo loinn air gnè Hiort don neach-tadhail agus gur ann as an seo is feàrr a ghabhas sgeulachd an eilein innse agus a thuigsinn. ‘S e seo cuideachd an t-àite as goireasaich a ruighinn don àireamh as motha do luchd-turais. Anns an ionad ùr a tha san amharc, thèid ghnè Ghàidhlig Hiort a thaisbeanadh le spèis agus urram.
A’ Gheodha Sgoilt is a vantage point with a panoramic sea view west to St Kilda and with the landscape and natural environment most reminiscent of St Kilda in the Outer Hebrides. This location has been chosen as the one from which the story of St Kilda can best be appreciated, understood and made accessible to the greatest number of visitors. The Gaelic identity of St Kilda will be reflected and respected in the proposed Centre.
Tha sinn toilichte gu bheil sibh uile air tadhal air an làrach-lìn againn agus tha sinn an dòchas gun till sibh thuige a-rithist a dh’aithghearr airson faighinn a-mach mar tha a’ dol dhuinn le bhi a’ cruthachadh phrìomh ionad turasachd ùr anns na h-Eileanan an Iar – Ionad Hiort
We’re pleased that you’ve all visited our website and we hope that you’ll visit soon again to read about our progress in creating a new major visitor site in the Western Isles – Ionad Hiort

