Am Buidheann | The Group

Chaidh am buidheann againn, Buidheann Leasachaidh Ionad Hiort, a stèidheachadh aig coinneamh phoblach far an robh àireamh mhath de mhuinntir na sgìre an làthair. Chaidh comataidh-stiùiridh de dhà dhuine dheug a thaghadh le Iain Bochanan, Mangurstadh, mar neach-cathrach. Tha ballrachd fosgailte dhaibhsan thar aois  sia bliadhna deug a tha a’ fuireach san sgìre agus tha ballrachd taic ann do dhaoine sam bith aig a bheil ùidh anns an ionad ge air bith càite a bheil iad a’ fuireach.

Our group, the St Kilda Development Centre Group was formally established at a well-attended community meeting which enthusiastically endorsed the project.  A management committee of twelve was appointed with Iain Buchanan, Mangurstadh, as chair person.  Membership of the group is open to all residents of Uig, over 16 years of age, and associate membership to all those who wish to support the group’s aims, wherever they live.

Iain Buchanan, Mangersta (Chair)Catriona Maclean, Mangersta (Treasurer)
Sarah Egan, Ardroil (Secretary)Elsie Mitchell, Mangersta
Murdanie Macdonald, EristaBrian Wilson, Mangersta
Anna Mackinnon, ArdroilNaomi Buchanan, Mangersta
Janet Macleod, UigenJim Mattison, Islivig
Donald Macaulay, CarishaderCllr NA Macdonald, Ardroil

‘S e prìomh amas na buidhne againn, an t-ionad ùr a chruthachadh agus ‘s e a’ chiad dhleastanas a tha oirnn conaltradh a thòiseachadh ris na prìomh compàirtichearan, UNESCO, Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt nan Eilean, Urras Nàdair Alba, Pròiseact nan Ealan agus eile, gus comataidh-stiùiridh a stèidheachadh a dhealbhas Urras neo Bunait a chruthaicheas ionad turasachd airson Hiort aig ìre na cruinne.

Our main aim is to establish the new St Kilda Centre as a major visitor attraction for the Western Isles and our first task is to engage with all the lead partners, UNESCO, Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt nan Eilean, the National Trust for Scotland, and Proiseact nan Ealan to set up a management committee for a St Kilda Trust or Foundation which will have the task of delivering a world class visitor centre.

Bu toil leinn cuideachd obrachadh, a chum maith nan Eileanan an Iar air fad, còmhla ri na sgìrean eileanach eile a sheall ùidh anns a’ phròiseact seo agus a bharrachd air an sin, còmhla ri buidhnean eile aig a bheil ionadan tadhail coltach ris an seo neo tha an sàs ann an pròiseactan Dualchas na Cruinne.

We also wish to work with the other Island groups which submitted bids for the Centre to ensure maximum benefit for the entire Western Isles and also with groups which have similar visitor attractions or ongoing World Heritage Projects.

To join the mailing list or become a full or associate member, please complete this registration form or contact the secretary (tel 01851 672237).  To reach any of the committee, please use the contact form. Minutes of all meetings will be published here.